An Gaidheal Iùdhach

Fàilte Chridheil! Is mise Eòsaph. Gu dearbh, chan eil mise Gaidheal idir, ach Iùdhach bho Niu Iorc. Tha mise is mo bhean Catrìona a fuirich ann an Oireagan a-niste, faisg air Portland. Tha e brèagha an-seo agus còrdadh rinn gu mòr. Tha mi’n dòchas gu bheil am blog agam a còrdadh riubh.

Name:
Location: Portland, Oregon, United States

10.22.2005

Soirbheachas Eabhra



Sgrìobh Ben-Yehuda faclair mòr Eabhra, agus tha sinn ga cleachdadh fhathast. Mar faodaidh sibh a’ faicinn bho’n càna “Budweiser” an-siud, tha Eabhra cànan beo gu builleach an laithean seo! Tha 7,000,000 duine a' bruidhinn Eabhra filente, agus tha tòrr duine eile is aithne beagan Eabhra a’ bruidhinn. Ann an Iosrael, is gach rud ann am beò ‘san Eabhra, bho pàipear-naidheachd gu teilebhisean gu sgoil is colaisde gu pàrlamaid. Cha robh e furasda, agus cha robh e luath. Ach bho cànan cadalch gu cànan beò is làidir, bha e faisg air leth-cheud bliadhna.

Chan eil e cho doirbh a toirt tuaiream air an seagh agam a-nis. Chan eil e rud eu-comasach airson aon duine atharrachadh mòr a dèanamh air sgàth cànan an sluagh aca. Ma thogras tu Gàidhlig ag ionnsachadh, bruidhinn tòrr Gàidhlig a-rèist, ged a tha do Ghàidhlig dona. Ma thogras tu adhbhar na Gàidhlig a’ cuir air adhart, ‘s dòcha gu bheil feumaidh tu a bhith beagan eudmhorach--mar Ben-Yehuda, Mac an-t-Iùdhach!.

10.13.2005

Mac-an-t-Iùdhach




Tha mi ag iarraidh ag radh facal neo dha mu dheidhinn eachdraidh an cànan Eabhra, ‘se “Hebrew” a tha ann, an cànan Iùdach an tùsail bho barrachd air 2000 bliadhna air ais. O chionn ceud bliadhna air ais, bha Eabhra cànan “cadalach”. Cha robh a’ chlann a’ bruidhinn Eabhra idir ann an 1800’s, ach bha an sgoilearan agus am fir-ghnothaich ga cleachdadh. Deireadh an 1800’s, thoisich an Sionachd, agus thoisich cuid an Iùdaich a’ bruidhinn Eabhra aig an taigh. Gu sònraichte, thoisich oileanach, Eliezer Perelman an t-ainm a bha air, a radh gu bheil bu chòir na huile sluagh Iùdach a dh’imrich gu’n seinne tir an Iùdach, ‘se Palestine an t-ainm a bha a ann an 1800s. Cha robh Perelman cho neo-àbhaisteach ag radh sin, o chionn bha moran Iùdach eile a’ bruidhinn mar sin ann deireadh an 1800s. Ach choisrig Perelman a bheatha do dh’adhbhar na cànan Eabhra, agus dh’athrrachadh e an t-ainm gu Eleazar Ben-Yehuda – Eleazar “Mac-an-t-Iùdhach”. Fàg Ben-Yehuda a-huile Cànan eile, agus thoisich e a’ bruidhinn Eabhra fad na h-ùine. Dhiùlt e gu buileach a’ bruidhinn cànanan eile, agus thoirmeasg e an teaghlach a radh guth ach sa’n Eabhra. Innsidh mi dhaibh tuilleadh a dh'aithghearr. (Cuiridh ceartachadh air mo Ghàidhlig, ma ‘s e ur toil e!)

10.08.2005

Ceart Ma Tha

Uill, tha sin dìreach sgoinneil. Tha an eadar-lìon rud iongantach gu dearbh, nach eil? Tha mi ‘n dòchas gum bi duine no dha an-seo co-dhiu.

Tha mise a fuireach ann an Oiregon a-niste; dh’imrich mise is mo bhean bho New York City o chionn ach còig mìosan. Tha e uabhasach brèagha an seo, agus cordadh rinn glan. Chan eil an t-aimsir dona idir—tha beagan coltas an Alba air! An diugh, chaidh mise ‘s mo bhean Catriona gu cuiart timcheall an duthaich. ‘Se latha fliuch a bh’ann, ach ann an Oiregon bu choir leinn a bhith coma!