An Gaidheal Iùdhach

Fàilte Chridheil! Is mise Eòsaph. Gu dearbh, chan eil mise Gaidheal idir, ach Iùdhach bho Niu Iorc. Tha mise is mo bhean Catrìona a fuirich ann an Oireagan a-niste, faisg air Portland. Tha e brèagha an-seo agus còrdadh rinn gu mòr. Tha mi’n dòchas gu bheil am blog agam a còrdadh riubh.

Name:
Location: Portland, Oregon, United States

11.13.2005

Storaidh na Crìoch Canada

Sgrìobh mi an storaidh sin o chionn fhada air SaveGaelic.org ach cha do chuir mi crìoch air! Sin e gus an àite far am stad mi a’ sgrìobhadh. Bi mi a’ sgrìobhadh crìoch storaidh na crìoch mu sheachdain.

----------------------

Nuair a bha mi 17 bliadhna a' dh'aois, chaidh mise agus cuideigin eile gu Canada ag obair ann a 'summer camp' ann an ceann a tuath Ontario. Cha robh fios againn gu robh seo rudeigin neo-laghail dhuinnsa, mar Amereiganaich, ag obair ann an Canada!! Ach cuideachd, dhiochuimhnich mo charaid 'identification' sam bith thoirt leis!

Nuair a rainig sinn a chrìoch, bha feum againn a' tearnadh bho'n bus, agus a' dol troimh cusbainn agus inn-imrich. Air ball, lorg sinn nach eil aig mo charaid (David) identification, agus bha feum againn tuilleadh a' bruidhinn ri luchd-chusbainn. Chuir iad tòrr ceistean dhuinn, agus mhìnich sinn gu bheil thig sinn gu Canada airson obair ann an summer camp! Bha iad gle lughach agus shaoil sinn gu bheil sin bacadh beag agus theid sinn air ais air a bhus a' dh'aithghearr. Ach de dh'innis iad a-nis ach,

"Tha sinn duillich, ach chan fhaod sibh a' tilleadh air bòrd a bhus--feumaidh sibhse a' fuirich an seo!"

Uill! Saoil ciamar a bha sinne a' faireachdan an ùine sin! Nuair a chunnaic sinn am bus ag imeachd, theab mi fannachadh! Ach bha sin dìreach toiseach an stòiridh. Thoir iad sinn gu aonad-cumail, agus bha feum sinn a' fuireach an sin, a' suidhe an sin dìreach gu còig no sia uairean sa mhadainn!! Fad an ùine, cha robh cothrom againn a' cleachdadh fòn, no a' ceannach rud sam bith ag ithe. Mu dheireadh thall, thànig luchd-inn-imrich gu aonad-cumail a' bruidhinn rinn. Dhealaich iad sinn, mise gu aon seòmar agus David gu seòmar eile.

An turas seo, chuir iad tòrr mòr ceistean gu dearbh! Bha feum agamsa a’ mìneachadh dìreach dè an seòrsa càmpa a bh’ann, agus carson nach eil againnsa sgrìobhainn sam bith airson a bhith ag obair le clann ann an Canada—carson nach dh’innis dhuinn luchd-stiùiridh am càmpa gu bheil feumaidh sinn an sgrìobhainn seo a’ lìonadh agus a’ thoirt leinn? Mhìneach mi gu bheil ‘se càmpa beagan mi-riaghailteach a bh’ann, ach càmpa glè mhath co-dhiu. Cha do dh’innis mise dhaibh dìreach cho beag a bha an càmpa, agus gun robh an dithis sinn pàirt meadhanach mòr de còmhlan luchd-comhairle! Ach bha e fìor—gun an dithis sinn, 17 bliadhna a’ dh’aois, bha an càmpa crioplach an samhradh. Agus bha an càmpa a’ dol a’ toiseachadh as deidh trì làithean!

Mu dheireadh thall, chuir iad mise is David air ais gu’n seòmar mòr. Bha sinn cinnteach, a-nis, gu bheil thàinig sinn gu crìoch an trom-laighe sin. Ach dè dh’innis dhuinn a-niste ach,

“Tha sinn uamhasach duillich, ach chan fhaod sibse a dhol troimh an crìoch gu Canada an-diugh. Feumaidh sibh a dhol air ais gu New York agus a lìonadh fuirmean aig an comhairle. As deidh sin, feumaidh sibh a’ fuireach seachdain gus am faod sibh a’ tighinn air ais gu Canada!”

Thoir iad sinn air ais gu taobh Ameireaganach de’n crioch, gu aonad-inn-imrich Ameireaganach. Bha sin a bhith ar dachaigh fad an ath là!
Nuair a rainig sinn gu'n aonad-inn-imrich, bhruidhinn sinn le luchd inn-imrich Ameireaganach; dh’innis sinn dhaibh dè a thachair air an taobh Canadanach, agus cha robh esan toillichte leinne idir! Thuirt iad nach eil rud sam bith a dèanamh bho’n taobh acasan, agus bha e glè soilleir nach robh iad ag iarraidh sinne a’ cuideachadh idir. So, shuidhe sinn sios air an làr, eadar an dà fònaighean follaiseach, agus thoisich sinn a’ fònadh gu’n càmpa gach deich no còig-deug mionid—bha eagal oirnn gu bheil a-huile duine aig an càmpa nam cadal fhathast. Às dèidh uair no dhà, fhreagair cuideigin, agus dh’innis dha dè a thachair dhuinn. Bha e glè duillich, agus chaidh e ag iarraidh comhairle le duine eile air an càmpa (cha robh duine air an càmpa barrachd air 22 bliadhna a dh’aois!) Cho-dhùin iad a’ cur fear le càr gu’n crìoch a’ cuideachadh sinn—‘se Nuri an-t’ainm a bha e, agus bha Nuri 20 bliadhna a dh’aois.

Fhuirich sinn ri Nuri fad an làtha. Cha robh sinn rud sam bith ag ithe fhathast—gun càr, cha robh dòigh a’ dhol a’ ceannach biadh, agus bha feum againn a’ fuirich ri Nuri co-dhiu—ach bha uisge againn ag òl an turas seo co-dhiu. Chadal David beagan, ach cha do chadal mise idir. Aig còig uairean ‘sa feasgar, rainig Nuri! Ar Slànaighear! Thuirt Nuri gun robh “plan” aige: bha sinne, an triùir, dìreach a’ dhol troimh an crìoch sin anns a càr—aig an aon aite sin!

Thuirt mise agus David, às dèidh a-huile cail a bha a thachair, “Thèid.” Chaidh sinn a-steach don càr, agus dhràibh sinn dìreach gu’n crois an crìoch...

Rainig sinn gu’n chrois an crìoch, agus bhruinn Nuri le luchd chusbainn bho’n chàr.

“Hallo. Cò às a tha sibh?”

“Tha mise à Canada, agus tha iadsan à USA.”

“Agus dè tha sibh a dh’innlich a’ deanamh ann an Canada?”

“Bidh sinn a’ dhol a’ campachadh.”

“Glè mhath... Fuirichibh mionaid...” Bhruinn esan beagan le duine eile. “Pàirc ur càr agus thigibh a-steach, ma s’e ur toil e, feumaidh sinn a’ bruinn ruibh.”

Phàirc Nuri am càr ri taobh an aonad-inn-imrich, agus chaidh e a-steach. Fhuirich mise agus David a-staigh san càr. Cha do dh’innis sin guth, bha a dearg eagal oirnn. Smaoinich sinn gu bheil bidh sinn aig prìosan a dh’aithghearr!

As deidh iomadh mionaid, thill Nuri, agus bha e beagan bàn.

“Rachamaid,” ars esan.

Thig e a-steach an càr, agus thionndaidh e an càr gu’n àird deas, air ais gu’n USA.

“Dè thachair...” ‘thachd’ sinne.

“Dh’innis acasan gu bheil chan aithne sinn a’ dhol gu Canada le dràibhear Canadanaich agus càr Ameireaganach. Cha mhòr nach do dh’arfuntaich aca an càr againn!”

Bha sinne sàbhach.

“Co-dhiu,” ars Nuri, “Nach tèid sinn rudegin ag ithe a gabhail?”
Cha do chuir sinn aghaidh idir!

11.06.2005

Eabhra agus Gàidhlig



‘Se cànan Semiteach a tha ann an Eabhra, agus chan eil ceangailte sam bith aig Gàidhlig, Beurla, no cànan eile sam bith ann an Roinn-Eòrpa. Tha Eabhra ceangailte aig Arabach, agus cànanan ann An Aetiòp cuideachd. ‘Se cànan Indio-Eòrpach a tha ann a Gàidhlig, mar sin tha e ceangailte aig Beurla, Fraingais, Gearmailteach, cànanan Eorpach eile, agus cànanan Indiach cuideachd – mar Hindi agus Sanskrit!

Co-dhiu, tha Eabhra agus Gàidhlig beagan coltas ri cheile, agus chan eil mi cinnteach idir ciamar a thachair sin. Mar eiseimplir, tha am facal “ach” ‘sa Gàidhlig agus Eabhra a’ ciallachadh “but” ‘sa Beurla. Neonach, nach eil? Cuideachd, tha am gràmar beagan coltas, gu sònraichte rudegin mar sin:

Gàidhlig: air – orm, ort, air, oirre, oirnn, oirbh, orra
Eabhra: 'al – 'alai, 'aleicha, 'alav, 'aleiha, 'aleinu, 'aleichem, 'aleihem

Chan eil am faclan siud cho coltas ri cheile, ach tha am gràmar beagan coltas.

A bharrachd sin, ‘sa Gàidhlig bi sinn a’ sgriobhadh no a ràdh “taigh na mara” an aite “house of the sea” ann am Beurla. Ach ‘san Eabhra ‘se “beit hayam” an aite “bayit shel ha yam” – tha am gràmar airson abairtean mar sin nas coltas eadar Gàidhlig agus Eabhra na Gàidhlig agus Beurla, o chionn chan eil cumadh am gràmar ag atharrachadh idir ann am Beurla an seo. “House of the sea” – chan eil “house”, no “sea” ag atharrachdh idir. “Taigh na mara” – bi sinn a’ cleachdadh “mara” an aite “muir” oir tha sin a’ chùis gheinideach (genitive case). Ann an Eabhra, airson “bayit shel hayam” – “house of the sea” – bi sinn a cleachdadh “beit” an aite “bayit” airson “taigh”, agus chan eil sinn a’ cleachdadh facal sam bith airson “of” mar a dèanamh sin ann am Beurla. Ann an Eabhra tha sin “smichut” an aite “cùis gheinideach”.

Uill, tha sin gu math doirbh dhomh ag radh ruidegin mar siud ‘sa Gàidhlig! Tha mi cinnteach gun rinn mi mearachdan gu leòr, agus is dòcha nach eil mo ciall gle soilleir, gu sònraichte mu dheidhinn “taigh na mara” etc! Co-dhiu, is aithne mi ag radh tuilleadh mu dheidhinn Eabhra agus Beurla, ach tha mi ag iarraidh a bruidhinn ribh beagan roimhe sin. Cuideachd, bha mi gle thaingeil airson ceartachadh!