An Gaidheal Iùdhach

Fàilte Chridheil! Is mise Eòsaph. Gu dearbh, chan eil mise Gaidheal idir, ach Iùdhach bho Niu Iorc. Tha mise is mo bhean Catrìona a fuirich ann an Oireagan a-niste, faisg air Portland. Tha e brèagha an-seo agus còrdadh rinn gu mòr. Tha mi’n dòchas gu bheil am blog agam a còrdadh riubh.

Name:
Location: Portland, Oregon, United States

11.06.2005

Eabhra agus Gàidhlig



‘Se cànan Semiteach a tha ann an Eabhra, agus chan eil ceangailte sam bith aig Gàidhlig, Beurla, no cànan eile sam bith ann an Roinn-Eòrpa. Tha Eabhra ceangailte aig Arabach, agus cànanan ann An Aetiòp cuideachd. ‘Se cànan Indio-Eòrpach a tha ann a Gàidhlig, mar sin tha e ceangailte aig Beurla, Fraingais, Gearmailteach, cànanan Eorpach eile, agus cànanan Indiach cuideachd – mar Hindi agus Sanskrit!

Co-dhiu, tha Eabhra agus Gàidhlig beagan coltas ri cheile, agus chan eil mi cinnteach idir ciamar a thachair sin. Mar eiseimplir, tha am facal “ach” ‘sa Gàidhlig agus Eabhra a’ ciallachadh “but” ‘sa Beurla. Neonach, nach eil? Cuideachd, tha am gràmar beagan coltas, gu sònraichte rudegin mar sin:

Gàidhlig: air – orm, ort, air, oirre, oirnn, oirbh, orra
Eabhra: 'al – 'alai, 'aleicha, 'alav, 'aleiha, 'aleinu, 'aleichem, 'aleihem

Chan eil am faclan siud cho coltas ri cheile, ach tha am gràmar beagan coltas.

A bharrachd sin, ‘sa Gàidhlig bi sinn a’ sgriobhadh no a ràdh “taigh na mara” an aite “house of the sea” ann am Beurla. Ach ‘san Eabhra ‘se “beit hayam” an aite “bayit shel ha yam” – tha am gràmar airson abairtean mar sin nas coltas eadar Gàidhlig agus Eabhra na Gàidhlig agus Beurla, o chionn chan eil cumadh am gràmar ag atharrachadh idir ann am Beurla an seo. “House of the sea” – chan eil “house”, no “sea” ag atharrachdh idir. “Taigh na mara” – bi sinn a’ cleachdadh “mara” an aite “muir” oir tha sin a’ chùis gheinideach (genitive case). Ann an Eabhra, airson “bayit shel hayam” – “house of the sea” – bi sinn a cleachdadh “beit” an aite “bayit” airson “taigh”, agus chan eil sinn a’ cleachdadh facal sam bith airson “of” mar a dèanamh sin ann am Beurla. Ann an Eabhra tha sin “smichut” an aite “cùis gheinideach”.

Uill, tha sin gu math doirbh dhomh ag radh ruidegin mar siud ‘sa Gàidhlig! Tha mi cinnteach gun rinn mi mearachdan gu leòr, agus is dòcha nach eil mo ciall gle soilleir, gu sònraichte mu dheidhinn “taigh na mara” etc! Co-dhiu, is aithne mi ag radh tuilleadh mu dheidhinn Eabhra agus Beurla, ach tha mi ag iarraidh a bruidhinn ribh beagan roimhe sin. Cuideachd, bha mi gle thaingeil airson ceartachadh!

4 Comments:

Blogger mona said...

hehe, leugh mi an teachdaireachd ùr seo agad ceart gu leòr, ach cha robh mi ag iarraidh an t-àite seo a lìonadh le sgudal bhuam a-rithist... ;)

ceart ma-tha... nach inntinneach a tha na cànanan semiteach. uaireigin bha mi ag iarraidh tigrinya ionnsachadh, seo dual-chainnt aetiòpach, cho fad's a tha fios agam, tha e aig a' bhoireannach a bhitheadh a' glanadh staidhrean an taighe againn... ach ghluais i do dh' àite eile, agus cha do lorg mi leabhar sam bith mun chànan sin.

tha na cànanan ceilteach (gu h-àraidh gàidhlig /gaeilge) gu math neo-àbhaisteach am measg nan cànanan innseach-eòrpach, agus thuirt fear no dhà gur dòcha gun robh daoine le cànanan gu tur eadar-dhealaichte - agus is dòcha beagan coltach ris na cànanan semiteach - a' fuireach anns na h-eileanan breatannach, mus tàinig na ceiltich. cha robh na seann chànanan ceilteach anns an tìr mhòr cho neònach, ach nuair a thoisich na daoine ann an èirinn agus breatainn am bruidhinn, atharraich iad, agus thàinig an gràmar neònach gàidhlig an-diugh a-mach... - uill, a-rèir feadhainn co-dhiù, chan e fiosrachadh cinnteach a th' ann idir! :)

is toigh leam 'alai, 'aleicha, 'alav, etc. - tha cuimhne agam air òran a dh' ionnsaich mi nuair a bha mi beag: hevenu shalom 'aleichem..., nach eil am facal sin ann an-sin?

tha mi smaoineachadh gu bheil e glè fheumail dhut ma tha thu a' mothachadh ceangal no coltas eadar gràmar gàidhlig agus eabhra... bidh sin gad chuideachadh gàidhlig a thuigsinn! :)
mona

1:26 PM PST  
Blogger Eòsaph said...

O, ach tha mise ag iarraidh an “sgudal” agadsa aig an àite seo!! :)

Nach sin a tha innteannach, de an thuirt thu mu dheidhinn an cànanan Ceilteach. Bha mise ag radh gu bheil cànanan ann eileanan beagan neonach mar as trice, oir tha iad air leth bho’n tìr mòr – ach ‘s dòcha gu bheil sin gu math follaiseach.

Tha thu ceart – “hevenu shalom ‘aleichem”, mar seinn iad anns an òran, ‘se “thoir sinn sìth oirbh.”

1:51 PM PST  
Blogger Eòsaph said...

Thuirt Mona,

"tha mi smaoineachadh gu bheil e glè fheumail dhut ma tha thu a' mothachadh ceangal no coltas eadar gràmar gàidhlig agus eabhra... bidh sin gad chuideachadh gàidhlig a thuigsinn!"

Tha, ach tha e spòrs gu leòr dhomh cuideachd! :)

1:52 PM PST  
Blogger macfhionn said...

Gheibhear liosta de fhaclan Gàidhlig a tha caran coltach ris an Eabhra an seo:

http://homepage.mac.com/macfhionn/FREUMH/CananIsCultar/FMF/AbairDabar.html

Mur eil an ceangal sin ag obair, dèan gùgal air Abair Dabar

1:37 PM PDT  

Post a Comment

Links to this post:

Create a Link

<< Home