An Gaidheal Iùdhach

Fàilte Chridheil! Is mise Eòsaph. Gu dearbh, chan eil mise Gaidheal idir, ach Iùdhach bho Niu Iorc. Tha mise is mo bhean Catrìona a fuirich ann an Oireagan a-niste, faisg air Portland. Tha e brèagha an-seo agus còrdadh rinn gu mòr. Tha mi’n dòchas gu bheil am blog agam a còrdadh riubh.

Name:
Location: Portland, Oregon, United States

12.18.2005

Lios Seapanach




Chan eil rudeigin glè innteannach agam ag ràdh an-diugh. Chan aithne mi cadal a-nis, agus shaoil mi gum biodh sin math a bhith a’ sgriobhadh beagan an-seo. Tha mi ro leisg is sgith an-drasda fhèin a bhith a’ lorg ann leabhraichean agam—co dhiu, tha mi a’ deanamh tòrr mearachdan air cho lorg mi ann an leabhraichean!

O chionn ghoirid tha mo phàrantan aig an taigh agam. Tha iad a fuirich faisg air Uaisionton, DC agus bi iad an-seo airson seachdain. Bha i uabhasach fuar an-seo fad an seachdain, ach ann an Oireagan ma tha i fuar, tha sin a’ ciallachadh gum bi an aimsir soilleir, grianach. Chaidh sinn an-dè dhan Lios Seapanach ann an Portland, agus faodaidh sibh dealbhan an lios a’ faicinn shuas an sin.

10 Comments:

Blogger Graisg said...

Abair lios a th’ ann an sin Eosaph, àite sàmhach agus brèagha taobh a-muigh saoghal bun os cionn saoilidh mi. A bheil thusa nad ghàirnealair aig an taigh uaireannan? Am faca tu an 'carry-on' aig www.tirnamblog.com fhathast ;-) ?

5:14 AM PST  
Blogger Eòsaph said...

>àite sàmhach agus brèagha taobh a-muigh saoghal bun os cionn

Tha sin ceart!

Chan eil mise nad ghàirnealair, 'se mo bhean a th'ann, ach co-dhiu chan eil lios agam an-drasda, is dòcha gum bi nuair a bi sinn a' ceannach taigh.

Tha mi a' faicinn 'tirnamblog' a chiad turas an drasda fhèin, agus bi mi a' feuchainn rudegin a' cur an-siud.

6:05 AM PST  
Blogger Eòsaph said...

Is toil leam 'tirnamblog' gu mòr, tha sin cho cudromach, saoil mi, a bhith ag aonachadh nam blogaichean, bha an gnothaichean ro sgaoilte, tha mi a' smaoineachadh.

6:15 AM PST  
Blogger Cadalach said...

Abair carry-on gu dearbh! ;-)

6:57 AM PST  
Blogger Cadalach said...

O, rinn thu math leis na ceanglaichean cuideachd, Eòsaiph!

6:58 AM PST  
Blogger Eòsaph said...

Uill, cha b'urrain mi sin a' deanamh gun cuideachadh agad!
;)

1:15 PM PST  
Blogger Cadalach said...

Carson nach cuir ceangal eile ann ma tha? Gu Tìr nam Blòg! ;-)

4:21 PM PST  
Blogger Eòsaph said...

O, ni mi sinn, na bi fo iomagain! :)

5:23 PM PST  
Blogger mona said...

nach àlainn an lios sin! is toigh leam liosan (?) seapanach, is toigh leam am feallsanach mun deidhinn cuideachd. chan eil mi nam "buddhist", ach tha cuid de na beachdan aca a' còrdadh rium.
tha lios seapanach ann am baile faisg orm cuideachd, cuiridh mi dealbhan anns a' bhlog agam-sa uaireigin...
mona

1:21 PM PST  
Blogger Eòsaph said...

>is toigh leam am feallsanach mun deidhinn

Agus mise cuideachd. Bi mi a' sgriobhadh rudeigin mu dheidhinn Zen (no "Sain"??) a' dh'aithghearr airson am blog sin.

4:51 PM PST  

Post a Comment

Links to this post:

Create a Link

<< Home