An Gaidheal Iùdhach

Fàilte Chridheil! Is mise Eòsaph. Gu dearbh, chan eil mise Gaidheal idir, ach Iùdhach bho Niu Iorc. Tha mise is mo bhean Catrìona a fuirich ann an Oireagan a-niste, faisg air Portland. Tha e brèagha an-seo agus còrdadh rinn gu mòr. Tha mi’n dòchas gu bheil am blog agam a còrdadh riubh.

Name:
Location: Portland, Oregon, United States

12.04.2005

Storaidh na Crìoch Canada - II


Uill, seachdain, mìos, de an eadar-dhealaichte? :-)

Bha feum mi a' cur crìoch na storaidh o chionn bliadhna air SaveGaelic.org. Ach, sin e.

---------------------------------

Ghabh sinn biadh aig taidh bidh ‘pizza’ agus as deidh sin bruidhinn Nuri ri cuideigin bho’n càmpa. “Tha plana againn,” thuirt e. Dh’innis Nuri dhuinn am plana.

An uairsin, thoisich sinn a’ draibhaidh. Bha crìoch Ontario mu 100 mìle air falbh. Chadal mise agus David fad an turas. Nuair a ràinig sinn gu’n crìoch, chunnaic David gu bheil càr am càmpa aig an crìoch mar-thà.

“Obh, obh...” ars e.

“Bi sin ceart gu leòr,” thuirt Nuri.

Pharc sinn an càr agus chaidh sin a-staigh aonad inn-immrich Ameareaganach. Bha ceann-feaghna an càmpa, Danny an-siud, agus bha e solleir nach robh e toillichte idir.

“Bhac iad sinn,” ars e. “Cuir iad Jason air ais gu Canada, agus chan fhaod e a bhith a’ tighinn air ais gu’n USA idir!”

Bha an plàna sinn a’ cruinneachadh aig an crìoch sinn, mise is David is Nuri le càr Ameareaganach againn, agus Danny, Ameareaganach, is Jason, Canadanach, le càr Canadanach, agus an uairsin a’ suapadh càraichean.

Bhruidhinn Nuri le luchd-inn-immrich Canadanach air a fòn, agus chaidh e air ais gu Canada le càr Canadanach againn (ghabh e Jason bho aonad inn-immrich Canadanach). Thoisich mise, David is Danny taidh osda a’ lorg. An ath maidainn, bruidhinn sinn ri Nuri a agus thuirt e gu bheil bhruidhinn e ri luchd inn-immrich ann an Ottawa, agus faodaidh Nuri sgrìobhainn a’ lìonadh ann an Ottawa air ar shon. Bha feumaidh sinn ach doctair a’ lorg a’ dèanamh deuchainn fisiceach. Lorg sinn airson doctair a-huile latha. Dhraibh sinn bho àite gu àite agus eisd sinn ri teip Paul Simon ùr, “Graceland,” anns a’ chàr a-huile latha. Lorg sinn doctair a dh’aontaich sinn a’ faicinn mu 5:00 feasgar.

“Dè an sèorsa càmpa a tha seo?!?” ghlaodh e, agus rudan mar sin air adhart. Ach rinn e an deuchainnan. Cheannach sinn dà punnd fudge dha as dèidh sin.

Nuair a ràinig sinn gu crìoch – an ceathramh turas – Danny, David, is mise, triùir Ameareaganach le càr Ameareaganach – bhruinn Danny le luchd chusbainn bho’n chàr.

“Feasgar Math. Cò às a tha sibh?”

“Tha an triùir sinn à USA.”

“Agus dè tha sibh a dh’innlich a’ deanamh ann an Canada?”

“Bidh sinn a’ dhol a’ campachadh.”

“Glè mhath.”

Cha chuir esan tuilleadh ceistean, ach stad sinn aig aonad-inn-immrich a’ lionadh tuilleadh sgrìobhainn, mar a dh’aontaich sinn.

An uairsin, chaidh sinn tarsaing air an crìoch.

6 Comments:

Blogger mona said...

mo chreach-sa thàinig, abair sgeul :-) cha robh fios agam gu bheil (no gun robh?) rudan cho doirbh eadar na stàitean aonaichte agus canada. a bheil e fhathast mar sin na laithean seo?
tha cùisean gu math eadar-dhealaichte leis na crìochan eadar na dùthchanan an-seo anns an roinn-eòrpa, ach bidh rudan inntinneach a' tachairt bho àm gu àm cuideachd. innsidh mi beagan latha eile anns a' bhlog agam fhìn.
mona

3:43 AM PST  
Blogger Eòsaph said...

Thuirt Mona,

" a bheil e fhathast mar sin na laithean seo? "

Tha, ach bha mi ag radh gu bheil e beagan eadar-dhealaichte as deidh 9/11.

Cha dh'innis mi dhut "epilogue" an sgeul...

Thachairt an sgeul agam ann an 1987. Chaidh mi gu Canada a-rithist ann an 1992, ann an taobh Iar, gu Vancouver. Fhaighnich iad, "An chaidh do casgadh a-riamh rach an sas ann Canada?"

Thurit mi, "Cha deach."

"Chaidh gu dearbh," thuirt iadsan, "Ann an 1987!"

"O, cha do chuimhnich mi, bha mi ach 17 bliadhna a dhaois!"

:-)

6:22 AM PST  
Blogger mona said...

haha :-D "bràthair mòr a' toirt sùil ort". mo chreach...

1:09 AM PST  
Blogger Eòsaph said...

Direach sin.

Ach tha mi cinnteach gu bheil sin nas cruaidh a-nis ann an crioch sin (British Columbia / Washington), oir a-huile duine a' smaoineachadh gum bi Al Qaeda a' tighinn bho'n tuath-iar an turas sin...

8:33 AM PST  
Blogger all hail zahmeugua! said...

i agree with the sentiments you express completely!

7:04 PM PST  
Blogger mona said...

obh obh...

uill, tha sgeul beag na crìoche anns a' bhlog agam-sa a-nis cuideachd ;-)
mona

3:25 AM PST  

Post a Comment

Links to this post:

Create a Link

<< Home