An Gaidheal Iùdhach

Fàilte Chridheil! Is mise Eòsaph. Gu dearbh, chan eil mise Gaidheal idir, ach Iùdhach bho Niu Iorc. Tha mise is mo bhean Catrìona a fuirich ann an Oireagan a-niste, faisg air Portland. Tha e brèagha an-seo agus còrdadh rinn gu mòr. Tha mi’n dòchas gu bheil am blog agam a còrdadh riubh.

Name:
Location: Portland, Oregon, United States

1.28.2006

Saen


Dè tha sin – Saen (Zen)?

Bha Saen “sgoil” Budaism ann an Sìona mu na linntean meadhanach, mu 700-1100. Thànig Saen gu Sìona bho Na h-Innseachan le Bodhidharma, manach Innseannach fionnsgeulach. Theagaisg Bodhidharma dòigh meòmhrachadh glè simplidh is dhomhainn. Tha an meòmhrachadh aig Bodhidharma agus an prìomh-athairan Saen as deidh Bodhidharma (a’ chiad prìomh-athair), mar Hui-Neng (an siathamh prìomh-athair), dòigh co-chruinnich na h-inntinn, agus mu dheireadh, dòigh rach thairis air agus mar sin a’ cur crìoch na h-uile fulangas is mealladh san leth a-staigh sinn fhein.

Theagaisg na prìomh-athairan Saen nach eil dad sam bith ‘san saoghal ach tha e foillseachadh Fìrinn. Mar sin, tha sinne a-huile duine nad amadanan, oir tha sinn a’ lorg gu brath rudeigin coisrigte no fiorghlan dealaichte bho’n tiota sin, an corp sin, am beatha sin againn. Chan eil am fìrinn Saen ach an saoghal sin—às eugmhais na h-inntinn a tha a’ cabadaich fad na-huine, no os cionn, no air chùl na h-inntinn sin.

Tha, air chùl na h-inntinn againn, saoghal “eile,” saoghal chan aithne na h-inntinn a’ dèanamh grèim air, oir chan eil an saoghal fìor a-staigh na chinn againn. Tha an saoghal gu brath an-seo, a-nis. Chan aithne dhuinn a’ dèanamh grèim air ach dìreach, air leth gach bun-bheachd, air leth a-huile smaoin.




Dìreach SIN



AN-SEO



A-NIS







IONGANTACH!

1.23.2006

Leisg

Tha mi airson a bhith a’ sgriobhadh rudegin, ged a tha sin ach a bhith a’ cuimhneachadh ciamar a’ sgriobhadh s’a Ghàidhlig as deidh faisg air mìos gu lèir sàmhach. Tha iomadh smaointinn agam airson cuspairean ùra. Tòrr cuspairean, ach rud beag Gàidhlig! Co-dhiu, tha am saoghail cho innteannach an drasda, gu sònraichte ann an Iosrael. Agus tha mòran bàrdachd a bhith a’ sgriobhadh cuideachd. Tha mise a dèanamh cus rudan! (a bheil sin deagh Gàidhlig, "cus rudan"??)