An Gaidheal Iùdhach

Fàilte Chridheil! Is mise Eòsaph. Gu dearbh, chan eil mise Gaidheal idir, ach Iùdhach bho Niu Iorc. Tha mise is mo bhean Catrìona a fuirich ann an Oireagan a-niste, faisg air Portland. Tha e brèagha an-seo agus còrdadh rinn gu mòr. Tha mi’n dòchas gu bheil am blog agam a còrdadh riubh.

Name:
Location: Portland, Oregon, United States

10.13.2005

Mac-an-t-Iùdhach




Tha mi ag iarraidh ag radh facal neo dha mu dheidhinn eachdraidh an cànan Eabhra, ‘se “Hebrew” a tha ann, an cànan Iùdach an tùsail bho barrachd air 2000 bliadhna air ais. O chionn ceud bliadhna air ais, bha Eabhra cànan “cadalach”. Cha robh a’ chlann a’ bruidhinn Eabhra idir ann an 1800’s, ach bha an sgoilearan agus am fir-ghnothaich ga cleachdadh. Deireadh an 1800’s, thoisich an Sionachd, agus thoisich cuid an Iùdaich a’ bruidhinn Eabhra aig an taigh. Gu sònraichte, thoisich oileanach, Eliezer Perelman an t-ainm a bha air, a radh gu bheil bu chòir na huile sluagh Iùdach a dh’imrich gu’n seinne tir an Iùdach, ‘se Palestine an t-ainm a bha a ann an 1800s. Cha robh Perelman cho neo-àbhaisteach ag radh sin, o chionn bha moran Iùdach eile a’ bruidhinn mar sin ann deireadh an 1800s. Ach choisrig Perelman a bheatha do dh’adhbhar na cànan Eabhra, agus dh’athrrachadh e an t-ainm gu Eleazar Ben-Yehuda – Eleazar “Mac-an-t-Iùdhach”. Fàg Ben-Yehuda a-huile Cànan eile, agus thoisich e a’ bruidhinn Eabhra fad na h-ùine. Dhiùlt e gu buileach a’ bruidhinn cànanan eile, agus thoirmeasg e an teaghlach a radh guth ach sa’n Eabhra. Innsidh mi dhaibh tuilleadh a dh'aithghearr. (Cuiridh ceartachadh air mo Ghàidhlig, ma ‘s e ur toil e!)

11 Comments:

Blogger Eòsaph said...

This comment has been removed by a blog administrator.

11:02 PM PDT  
Blogger Eòsaph said...

Oy, veh (obh, obh)... Chan eil an t-ainm Ben-Yehuda "Mac an t-Sluagh" ach "Mac an Iùdach", tha mi duillich!!

11:03 PM PDT  
Blogger Eòsaph said...

Och, cuideachd, tha fios agam 'se BRUIDHINN a tha e, chan e "bruinn"!

12:22 AM PDT  
Blogger Graisg said...

Madainn mhath Eosaiph, de mu dheidhinn Gàidhlig an àite Gàilhig ;-)?

3:50 AM PDT  
Blogger mona said...

eòsaph,
fàilte gu saoghal nam blog ;) is coltach gu bheil am blog agad-sa glè inntinneach. cùm ort!
bha daonnan ùidh agam fhìn eabhrach ionnsachadh, is toigh leam cànanan agus tha ùidh agam ann an eachdraidh chànanan... tha mi a' dèanamh sin aig an oilthigh :)
ach cha robh ùine agam airson eabhrach gu ruige seo, tha cus chànanan eile agam ;) ach is dòcha gun dèan mi e fhathast.
tha gàidhlig glè mhath agad mar-tha!
mona

4:28 AM PDT  
Blogger Gath Clag said...

Hebrew = Eabhra. One of the few languages, along with Laideann, Greugais, Gaidhlig which don't take the -is ending. Languages end in -is, rather than -ach.

8:45 AM PDT  
Blogger Eòsaph said...

Graisg said...
Madainn mhath Eosaiph, de mu dheidhinn Gàidhlig an àite Gàilhig ;-)?

"De mu dheidhinn" gu dearbh! :) Gaidhlig Gaidhlig Gaidhlig. (Tha mi duillich chan eil sracan agam an-seo, tha mi ag obair a-nis--neo bu choir leam ag obair!)

Agus de mu dheidhinn 'taigh' an aite 'taidh', agus...

Tapadh leat a Ghraisg!

E

8:49 AM PDT  
Blogger Eòsaph said...

Mona said...
fàilte gu saoghal nam blog ;) is coltach gu bheil am blog agad-sa glè inntinneach [etc]

Tapadh leat a Mhona,

Ma thogras tu, is aithne dhomh thusa a teagasg beagan Eabhrach. Chan eil e duillich idir, ach aon rud, an 'alphabet' aca. Tha an blog agadsa gle innteannach cuideachd agus bu choir leinn uaireginn a' bruidhinn greis mu dheidhinn an cananan.

Beannachd leat,
E

8:58 AM PDT  
Blogger Eòsaph said...

Gath Clag said...
Hebrew = Eabhra.

O, mar sin, chan eil e "Eabhrach", ach "Eabhra" ?

9:01 AM PDT  
Blogger Gath Clag said...

"Eabhrach" is the adjective or person, "Eabhra" is the language.

11:54 AM PDT  
Blogger Eòsaph said...

Ah tapadh leat, tha sin nas soilleir.

2:02 PM PDT  

Post a Comment

<< Home